Thoir ur n-Aire [4/4]: Chrissy Barnacle

Fàilte thugaibh dhan Thoir ur n-Aire mu dheireadh!

An-diugh chan eil ach aon neach-ciùil agam dhuibh, leis nach robh mi airson ’s gum biodh e comasach dha duine sam bith a tha leughadh seo an tè seo a’ call. Seo agaibh Chrissy Barnacle. Èistibh!

 

Cluinnear beagan Jeff Buckley na ceòl, nam bheachd-sa, is cuideachd chanainn RM Hubbert agus Laura Marling. Tha Chrissy a’ cluich giotàr le teudan naidhlean, mar a th’ aig giotàran chlasaigeach. Tha a briathran glic is snasmhor, le ìomhaigheachd agus siubhlachd a tha a’ toirt orm cuimhneachadh air Death Cab for Cutie.

Tha Chrissy cuideachd gu math èibhinn agus còmhfhurtail air an àrd-ùrlar. Tha a comadaidh dorcha, is i ag innse dhut mun t-aiseig làn radain chanabail (barrachd mun sgeulachd sin an seo) air an do stèidhich i òran, no mun bhuaidh aphrodisiac a bha aig cnòthan-calltainn orra is i a’ feuchainn ri brosnachadh a’ lorg airson a Meanbh-Chlàr ùr.

‘S urrainnear an dà Mheanbh-Chlàr fhaighinn fhaighinn saor air Bandcamp:

1. Chrissy Barnacle EP & 2. Hazelnuts EP

Tha Chrissy a’ cluich A-NOCHD FHÈIN an Dùn Èideann, 6f aig am Banshee Labyrinth, £6. No ’s urrainnear fhaicinn aig an Solas Festival am Peairt, a tha a’ dol eadar an 20-22mh den mhìos seo fhèin.

FacebookSoundcloudBandcamp

Uill, sin agaibh e ò Thoir ur n-Aire, tha mi an dòchas gun do chòrd an sreath riubh. An dòchas gum bi deagh shamhradh agaibh, agus gun èistich sibh ri ceòl às gach ceàrnaidh.

Advertisements

Thoir ur n-Aire! [3/4]: SchnarffSchnarff, The Walking Targets, Tegan & Sara, is Scottish Fiction

Fàilte air ais gu Thoir ur n-Aire. Tha measgachadh againn an t-seachdain-sa de dh’òrain ùr, bhideothan, is pod-chraolaidhean.

SchnarffSchnarff

Còmhlan à Inbhir Nis a th’ ann an SchnarffSchnarff (iomradh air Thundercats a th’ anns an ainm), no, mar a th’ aca fhèin, ‘5 beys from the Schneck’. An t-seachdain-sa, sgaoil iad bhideo ùr airson an òran ‘Dirt’.

Cluinnear Biffy Clyro, Brand New, is Idlewild nan ceòl, cuideachd le beagan Nirvana chanainn. Chunnaic mi iad aig Latha nam Bùithtean Ciùil am bliadhna agus ’s e deagh chuirm a bh’ ann, cuirm làn lùths. Tha am Meanbh-Chlàr ri fhaotainn air an làrach-lìon agus fìor dheagh chlàr a th’ ann – tha mi a’ dèanamh fiughair ri chlàr slàn!

Tha iad a’ cluich aig GoNorth Diardaoin (5/6) ann an Inbhir Nis, agus aig Òran Mór an ath Dhihaoine (13/6), agus mholainn dol ann!

LàrachFacebookTwitter

Cuideachd againn tha The Walking Targets, còmhlan punc à Dùn Èideann a tha dìreach gus an ciad chlàr a sgaoileadh.

Mholainn an ceòl airson neach sam bith aig a bheil ùidh ann an Green Day, Blink 182, NOFX. Tha an clàr ùr ri èisteachd saor air loidne aig Dying Scene. Seo agaibh ’s dòcha an t-òran às fheàrr leam às.

Walking Targets – Jury Lies

‘S e còmhlan a tha air fàs a thaobh an ciùil ann an dòigh gu math follaiseach anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, agus chanainn gur ann air a’ chlàr seo a lorgair iad aig an ìre às fheàrr a chuala mi riamh iad.

FacebookTwitter

Cuideachd, tha dà phod-chraoladh air an tàinig mi thairis an t-seachdain a tha gu h-àraidh math.

‘S a chiad dol-a-mach, tha pod bho Scottish Fiction. Mura bheil sibh eòlach air Scottish Fiction, ’s e aon de na prògraman-rèidio às fheàrr, nam bheachd-sa, airson ciùil ùr à Alba chluinntinn. Tha am prògram a sgaoileadh mar phod às dèidh gach phrògram cuideachd. Ach an seo, chan e aon de na prògraman-rèidio sin a th’ ann, ach prògram aithriseil a rinn Neil Wilson, a tha os cionn Scottish Fiction, mu luchd-ciùil agus mar a tha iad a’ cosnadh an airgead, le cuideam gu h-àraidh air Beerjacket.

 

A bharrachd air son, tha pod againn bho Nerdist. Tha an Nerdist Podcast air a bhith a’ dol airson iomadh bhliadhna, agus tha iomadh neach air nochdadh air, leithid Will Ferrell, Tom Hanks, Moby, na Muppets, agus Joss Whedon. O chionn 9 mìosan, nochd Tegan agus Sara air, a’ bruidhinn mu am beathanan, an ceòl, agus iomadh chuspair eile. Mura bheil sibh eòlach air Tegan agus Sara, ’s e dithist pheathraichean à Canada a th’ annta. Tha e doirbh innse dè coltas a th’ air an ceòl, leis gu bheil iad air iomadh chlàran ann an iomadh genre a sgaoileadh, ach a thaobh am fear a sgaoil o chionn bliadhna, ‘Heartthrob’, chanainn gur ann mar ‘Chvrches + Haim’ a th’ annta, le beagan Springsteen air cùlaibh cuid de an òrain.

Nerdist Podcast le Tegan & Sara 

 

An ath sheachdain – Thoir ur n-Aire 4/4, am fear mu dheireadh!

Thoir ur n-Aire! [2/4]: Blood Indians, Kim Carnie, Bhideothan agus Altan Ùr

Fàilte air ais gu Thoir ur n-Aire. An t-seachdain tha sinn gus ur n-aire a thoirt gu h-àraidh gu còmhlan agus gu seinneadair/òranaiche, agus cuideachd bidh ceangal no dhà gu luchd-ciùil air am bi sibh eòlach.

‘S a chiad dol a-mach, tha Blood Indians againn!

Blood Indians

‘S ann à Dùn Dè a tha an dithist Rowan Wright agus Joanne Forbes, agus sa bhliadhna a dh’fhalbh tha iad air taic a chumail ri Roddy Woomble, Meursault is eile. Chaidh an ciad meanbh-chlàr a sgaoileadh o chionn greis, agus lorgair air Spotify is eile e.

Chanainn gun còrdadh iad riubh mas e is gu bheil ùidh agaibh ann an còmhlain leithid First Aid Kit, Emily Barker & the Red Clay Halo, no Warpaint. Nam bheachd-sa cluinnear beagan den lùths aig na stuthan a sgaoil Muse o chionn greis nan ceòl cuideachd aig amannan.

FacebookTwitterSoundcloud

Cuideachd an t-seachdain tha Kim Carnie,

Kim Carnie aig Ceòl is Craic

Chuala mi Kim Carnie son a’ chiad àm air ais ann an 2012 creididh mi, aig tachartas Gaels le Chèile (deagh thachartasan an-còmhnaidh – gheibhear barrachd fios mu na tha An Lòchran agus Conradh na Gaeilge Glaschu ris an seo).

Oidhche Luain nochd Kim, le Eric Linklater agus Innes White, air prògram Ceòl is Craic air Celtic Music Radio, a’ gabhail ‘Tàladh Dhòmhnaill Ghuirm’ agus ‘Selflessly’, òran ùr a chruthaich Kim fhèin (seo agaibh a’ phrògram).

‘S ann le Ceòl is Craic a tha na dealbhan seo.

Tha a guth binn agus soilleir, agus tha an triùir ag obair gu math mar chòmhlan. A thaobh an t-òran ùr, tha briathran Kim glic, siubhlach, geur. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri na tha ri tighinn bhuapa.

bhideothan & òrain

Sgaoil Scott Hutchison, seinneadair sa chòmhlan Frightened Rabbit, òran às a chlar fhèin an t-seachdain. Chanainn White Stripes vs. Frightened Rabbit vs. Jace Everett.

 

Cuideachd, sgaoil Lidh òran ùr, le sàr-bhideò:

 

Agus mu dheireadh, tha Bronagh and the Boys. Deagh shamhradh a tha romhainn, deagh òran a tha seo airson taic a chumail ris! Cuir air a-rithist is a-rithist e.

altan

agallamh le bronagh & the boys

alt inntinneach mu mar a tha Radio 1 a’ taghadh an òrain

ùidh agaibh ann an ceòl? tha seo a’ tòiseachadh a dh’aithghearr, saor, à Oilthigh Dhùn Èideann

Thoir ur n-Aire! [1/4]: Josephine Sillars, Declan Welsh & beagan Bob Dylan

Fàilte thugaibh gu sreath ùr de dh’altan bhuainne aig Cluas air Ceòl leis an tiotal ‘Thoir ur n-Aire!’. Chithear agus cluinnear ceòl gach seachdainn, is sinn a’ toirt còmhlain agus òranaichean a tha air tighinn gar n-aire an t-seachdain gur n-aire! Deagh rud a th’ ann dhuinne cuideachd, leis gu bheil e gar toirt oirnn fhèin dol a-mach son ceòl a tha ùr dhuinn a lorg!

Bidh diofar seòrsaichean ciùil air an riochdachadh sna h-altan seo(!), ach an t-seachdain-sa, tha teama againn: iad a tha a’ cruthachadh agus a’ seinn an òrain fhèin.

Ceart ma-tha! Sibh deiseil?

‘S a chiad dol a-mach, nar ciad alt, tha mi airson ur n-aire a thoirt gu Josephine Sillars.

Josephine Sillars aig Òran Mór

Chuala mi Josephine airson a’ chaid uair oidhche Mhàirt, aig Glasgow Makes Music – deagh chuirm an-còmhnaidh, a tha a’ dol gach oidhche Mhàirt, a’ tòiseachadh aig 9f sa Whisky Bar aig Òran Mór.

Cluinnear na ceòl buaidh Regina Spektor agus Amanda Palmer (rinn i fhèin tionndaidhean de an òrain ‘On the Radio’ agus ‘Blake Says’ air an oidhche sin fhèin) agus chanainn cuideachd gu bheil coltas Panic! at the Disco agus Jack’s Mannequin cuideachd air cuid de a h-òrain. (Agus ’s e Jack’s Mannequin aon de na còmhlain às fheàrr leam.)

Seo agaibh òran leatha, ‘Hello’:

Tha an t-uamhas bhideothan aice air Youtube (m.e. ‘Hurricane‘), agus mholainn èisteachd riutha uile. Tha i cuideachd air òran a chruthachadh airson sreath ùr air-loidhne, ‘Cops & Monsters’ – tha barrachd fhios ri fhaotainn mun ghnothach sinn an seo.

Tha Glasgow Makes Music air gach oidhche Mhàirt aig 9f an Òran Mór.

Tha Josephine a’ cluich ann an Inbhir Pheofharain an ath mhìos air an 7mh (07/06/14) san Greenhouse aig 2f.

[Facebook] [Twitter] [Làrach]

Cuideachd an t-seachdain, chuala mi Declan Welsh airson a’ chiad uair.

Declan Welsh

Cluinnear fearg poiliteagach aig amannan na chèol. Nach iomchaidh, ma thà, a bh’ ann is mi ga chluinntinn son a’ chiad uair aig cuirm National Collective. Tha buaidh air a bhith aig Billy Bragg air gu h-àraidh, ach cuideachd na Libertines agus na Proclaimers. Chanainn cuideachd gun cluinear beagan de the View agus eile na òrain. Tha a cheòl tric luath is feargach ach tha e  cuideachd tric èibhinn. Is fhìor thoil leam mar a tha e a’ cruthachadh a sgeulachdan na òrain – seo agaibh ‘She’s from Bearsden’, òran car èibhinn aige a ghabh e oidhche Luain.

Tha cuirm eile gus a bhith aig National Collective an Glaschu an ath mhìos air an 2na latha den mhìos (02/06/12).

Tha EP aig Declan ri fhaotainn an seo air Bandcamp.

[Facebook] [Twitter] [Bandcamp]

A-nis, gus ar toirt gu crìch, sgaoil Bob Dylan òran ùr an t-seachdain, no tionndadh ùr co-dhiù. Seo e fhèin a’ gabhail ‘Full Moon and Empty Arms’, agus seo a’ dol a-mach dhan Chat Ruadh, is fhios againn uile dè cho mòr is a tha Dylan a’ còrdadh riatha!

Bliadhn’ Ùr Mhath a Chàirdean!

 

Fhuair an dealbh à wikicommons. Cliog air airson fiosrachadh.

Uill, ’s e a’ chiad latha de 2014 a th’ ann, agus tha tiodhlac beag no dhà againn dhuibh!

Sa chiad dol-a-mach, rinn Iona NicIlleBhàin, a tha ann an Taigh na Gàidhlig am bliadhna, playlist na Nollaige dhuinn! Seo e:

(Tha sinn a dhìth air facal sa Ghàidhlig airson ‘playlist’. A bheil fear ann mu thràth? Beachdan?)

Agus cuideachd, tha playlist na Bliadhn’ Ùire againn dhuibh!

Cuimhnichibh gu bheil Cèilidh a’ Mhòid a’ sgaoileadh an-diugh air Radio nan Gàidheal eadar 1f agus 4f!

Bliadhn’ Ùr Mhath a Chàirdean! Tha sinn an dùil gum bi fìor dheagh 2014 agaibh uile.

A’ Dèanamh Fiughair ri Latha na Gàidhlig!

Dihaoine seo tighinn (22/11/2013), mar a tha fhios agaibh tha mi cinnteach, ’s e Latha na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu a th’ ann! Tha sinne aig Cluas air Ceòl a’ dèanamh fiughair mhòr ris. Bidh an t-uairead a’ dol a thaobh ciùil, agus tha sealladh air trì dhiubh againn ri fhaicinn gu h-ìosal.

Dè tha dol?

1. Café Gàidhlig

A’ chiad tachartas den latha, bidh bòrd fiosrachaidh, blasadan Gàidhlig, clàran-bìdhe & sanasan dà-chànanach, agus ceòl beò le Turralaich ri chluinntinn.

Càite: Togallach Fhriseil    Cuin: 10:30-12:30    Cosgais: Saor!

2. Cuirm le Kathleen NicAonghais & Cathy Ann Nic a’ Phì

Abair chuirm. Tha sinn air ar dòigh glan gum bi an dithist seo còmhla rinn airson cuirm-ciùil. Cluinnear dithis seinneadair air leth tro uair de dh’òrain Ghàidhlig le taic air a’ phiana bho Mhàiri Hall. Is cinnteach gum bi fìor dheagh cheòl ri chluinntinn, agus an t-uamhas craic na lùib!

Càite: Caibeal an Oilthighe    Cuin: 1:10-2f    Cosgais: Saor!

3. Co-Fharpais Litreachais a’ Chomuinn Oiseanaich – na Duaisean

Gheibhear an seo fios air cò bhuannaich na duaisean anns a’ cho-fharpais litreachais! Tha duaisean ann airson bàrdachd, sgeulachd ghoirid agus prìomh dhuais de Kindle.

Cluinnidh sibh facal bho Rosemary Ward bho Chomhairle nan Leabhraichean agus earrainn bho na h-iarrtasan a bhuannaich. Bidh an t-Oll. Roibeard Ó Maolalaigh, Ceannard Urramach a’ Chomuinn, a’ toirt seachad nan duaisean.

Bidh glainne fìon neo tì is cofaidh againn dhuibh.

Cluichidh Turralaich ann cuideachd!

Càite: Seòmar 202, 3 Garraidhean an Oilthighe    Cuin: 3:30-4:30    Cosgais: Saor!

Tachartas Facebook

4. Baile air Bhoil

Baile air Bhoil

Mur nach eil sibh air càil a chluinntinn mu Bhaile air Bhoil mar-thà, tha an Oidhche Chlub air tilleadh! Oidhche gu math soirbheachail a bh’ ann an-uiridh, agus am bliadhna tha coltas gum bi e fiù ’s nas fheàrr. Tha Alasdair MacIlleBhàin, Innes Strachan (Niteworks) agus Dòl Eòin MacFhionghain uile a’ cluich ann, a’ toirt crìoch air Latha na Gàidhlig eile.

‘S urrainnear tiocaidean fhaighinn airson £5 (sin £3 nas lugha na prìs an dorais) le itison.com – seo agaibh ceangal: Ceannaich Tiocaid.

Càite: CCA    Cuin: 8:30-anmoch    Cosgais: £8 air an doras, £5 ro-làimh le itison.com

Tachartas Facebook